Coinneach Odhar, Am Fiosaiche - 2

Total number of words is 498
Total number of unique words is 271
61.2 of words are in the 2000 most common words
61.2 of words are in the 5000 most common words
61.2 of words are in the 8000 most common words
Each bar represents the percentage of words per 1000 most common words.
gealltanach, aig an robh buadhan inntinn taitneach, ach bhuail eucail
throm e, agus chaidh e gu taobh deas Shasuinn air son a shlàinte, far
an d' fhuair e bàs. Nuair a fhuair seann Mhac Coinnich sgeula bàis a'
mhic cha do labhair e riabh tuilleadh agus dh' fhàs e balbh, oir cha
labhradh e facal, cia dhiubh a bha e neo-chomasach no mi-thoileach air
bruidhinn. Fhuair e am bàs air an aonamh latha deug de Ianuaraidh,
1813, am fear mu dheireadh de a theaghlach.* Thainig an nighean bu
shine dhiubhsan a bha beò an àite a h-athar gu seilbh air oighreachd
Bhrathainn. Bha i pòsda ris an Ard-mharaiche, Sir Samuel Hood,
ceann-feadhna cahbhlaich Bhreatuinn anns na h-Innseachaibh an Iar 's an
Ear; ach fhuair e am bàs san airde 'n Ear 'na dhuine òg; agus mar sin bha
a bhean 'na {28} bantraich oig nuair a dh' eug a h-athair. Agus, thainig
i dhachaidh as na h-Innseachan le Currachd Ban na bantraich air a
ceann, agus b'e Hood a b'ainm dhi. An deigh sin phòs i Mr. Stiùbhart,
ogha do Iarla Ghalloway, agus ghabh esan ainm Mhic Coinnich an
co-thaice ri anim fein; agus mar sin theirteadh Stiubhart Mac Coinnich
ris. Air an dòigh so chaidh oighreachd Bhrathainn thairis bho shliochd
nam firionnach ann an seann teaghlach Chinn-Tàile. An deigh sin reic
Mr. agus Mrs. Stiùbhart Mac Coinnich eilean Leòdhais ri Sir Seumas
Mathanaich. Air latha àraid bha Mrs. Stiùbhart Nic Coinnich ann an
carbad sealltaidh no carbad ponaidh. Ghabh na sealltaidhean eagal agus
ruith iad air falbh nan still, 's nan deannaibh. Cha b' urrainn a
Bhain-tighearna an casg, agus thilgeadh i fhéin agus a piuthar a mach
as a' charbad. Chaidh an ciùrradh agus am bruthadh gu goirt: ach
leighiseadh a' bhaintighearn ann an ceann beagan ùine, gidheadh fhuair
a piuthar a b' òige am bàs leis an dochann a rinneadh oirre. Mar so
thainig fàisneachd Choinnich gu {29} crich, agus dh'aobharaich
Baintighearna Bhrathainn bàs a peathar, ged nach robh coire aice ris.
Bha na ceithir tighearnan eile 'nan comh-aoisibh do Mhac Coinnich, Sir
Eachann Ghearrloch, an tighearna storach, an Siosalach, air an robh
milleadh maighich, tighearna Ghrannda bha 'na amadan, agus
Mac-Gille-Challuim gagach.
Tha sinn a nise toirt na h-eachdraidh ghoirid so gu crich. Chaidh, gun
teagamh sam bith, moran de dh' fhiosachdan Choinnich a choilionadh gu
litireil, agus tha daoine ann a tha dhe 'n bharail gu 'm bi tuilleadh
dhiubh air an coilionadh fhatast, Biodh sin mar a bhitheas, theid
iomadh bliadhna 's linn seachad mu 'n sguirear a bhi 'g aithris, am
measg nan Gàidheal, gach fiosachd iongantach a rinn e, am bàs
uamhasach a dh' fhuiling e, agus mar a thainig an caluman 's a laidh e
air a luaithre--an ni a thubhairt Coinneach fhéin a bha gu tachairt,
mar chomharradh air gu robh 'anam air a ghiùlan gu Flaitheanas.
A'CHRIOCH
(duilleag 27)
* Tha Sir Walter Scott ag radh,
"Cha ghabh fironnach faotainn air strath no air aird,
Thogas suas ainm Mhic Coinnich, ceann-cinnidh Chinn-Tail."

You have read 1 text from Scots Gaelic literature.
  • Parts
  • Coinneach Odhar, Am Fiosaiche - 1
    Total number of words is 4938
    Total number of unique words is 1420
    36.9 of words are in the 2000 most common words
    36.9 of words are in the 5000 most common words
    36.9 of words are in the 8000 most common words
    Each bar represents the percentage of words per 1000 most common words.
  • Coinneach Odhar, Am Fiosaiche - 2
    Total number of words is 498
    Total number of unique words is 271
    61.2 of words are in the 2000 most common words
    61.2 of words are in the 5000 most common words
    61.2 of words are in the 8000 most common words
    Each bar represents the percentage of words per 1000 most common words.